Seonachan wrote:
Hallo a Chlairseoir! Tha Gàidhlig aig duine neo dithis an seo. Thòisich mi-fhìn 'ga dh'ionnsachadh bho chionn 25 bliadhna, ged nach eil mi air a bhith 'ga cleachdadh gu tric ann an iomadh bliadhna. 'S ann an Ceap Breatainn a dh'ionnsaich mi i ach tha mi air a bhith ann an Albainn turas neo dhà cuideachd. An ann à Glaschu a tha thu?
No aig triur nist, leamsa fhìn!

'S ann às an Eilbheis a tha mi, ach 's ann ann an Glaschu a tha mi a' fuireach an-dràsta. 'S e "am baile mòr nan Gàidheal" an t-ainm eile a tha air cuideachd! Ach ged a tha e fìor gu bheil mòran Ghàidheal ann an seo, cha bhiodh tu a' cluintinn na Gàidhlig air sràidean a' bhaile seo gu h-àbhaisteach - mur eil fhios agad càit a' bheil taighean-seinnse Gàidheil Ghlaschu!
Tha mi a' faicinn gur ann a' Mhassachusetts an Iar a tha thu a' fuireach. A bheil thu às-san cuideachd? No an ann à Cheap Breatainn a tha thu? Carson an do thòisich thu Gàidhlig ionnsachadh? An e Albanaich (Gàidheil) a bha ann an do shinnsearan?