Rud beag cabadaich

Tá Failte Romhat! For all conversation about the Irish language. Scots Gaelic discussion welcome.
Forum rules
The purpose of this forum is to provide a place for people who are interested in the Irish language and various Celtic languages to discuss them, to practice them, and to share information about them, particularly (but not exclusively) in the context of traditional music and culture.

This is not a "translation forum," per se, though translation requests may occasionally be honored at the discretion of the moderators. If you're seeking a one-time translation for something like a tattoo, engraving, wedding vow, or other such purpose, we strongly recommend that you visit our friends at ILF: http://irishlearner.awyr.com
Post Reply
curleywurley
Posts: 11
Joined: Fri Nov 06, 2009 4:39 am
antispam: No

Rud beag cabadaich

Post by curleywurley »

A bheil Gàidhlig aig duine sam-bith? Dh'ionnsaich mi Gàidhlig bliadhnichean air ais ach cha robh cothroman agam a bhith ga bruidhinn nas motha. Tha mi nam chluicheadair - S e sin an adbhar a tha mi air an site seo! Abair site!
User avatar
Redwolf
Posts: 6051
Joined: Tue May 28, 2002 6:00 pm
antispam: No
Please enter the next number in sequence: 10
Location: Somewhere in the Western Hemisphere

Re: Rud beag cabadaich

Post by Redwolf »

Sílim gur cóir do na riathóirí den fóram seo a ainm a athrú. Fóram Gaeilge na hAlbain atá ann!

Tá fáilte romhat, a curley wurley, ach níl Gaeilge na hAlbain ar bith agam.

Redwolf
...agus déanfaidh mé do mholadh ar an gcruit a Dhia, a Dhia liom!
User avatar
Seonachan
Posts: 269
Joined: Fri Jul 31, 2009 3:09 pm
antispam: No
Please enter the next number in sequence: 10
Location: Massachusetts an Iar

Re: Rud beag cabadaich

Post by Seonachan »

Fàilte, a chluicheadair! Tha Gàidhlig aig dithis neo triùir againn an seo, tha mi 'creidsinn. Càit' an d'fhuair thu do chuid Ghàidhlig? Dh'ionnsaich mis' i ann an Ceap Breatainn, bho chionn 20 bliadhna. Tha poile do làrachan-lìn na Gàidhlig an drasda, ma 'se cleachdadh a dhith ort.

Slàn!
'Se SUV a th'anns a' chànan eile agam
curleywurley
Posts: 11
Joined: Fri Nov 06, 2009 4:39 am
antispam: No

Re: Rud beag cabadaich

Post by curleywurley »

Madainn Mhath! 'Se latha cho grianach a th' ann an-diugh ann an Eirinn. A Sheonachan, Dh'ionnsaich mi mo chuid Gaidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig ceithir bliadhnaichean air ais. Duilich - Dè a tha 'poile' a' cialachadh? Ciamar a tha thusa a' cumail suas leis do chuid Ghaidhlig fhein?
User avatar
Seonachan
Posts: 269
Joined: Fri Jul 31, 2009 3:09 pm
antispam: No
Please enter the next number in sequence: 10
Location: Massachusetts an Iar

Re: Rud beag cabadaich

Post by Seonachan »

Well mar am biodh tu an dùil, chan eil e furasda Gàidhlig a chumail suas taobh amuigh na coimhearsnaich Gàidhlig. Bidh mi a' dol gu Albainn Nuaidh 's docha gach bliadhna, agus gu Albainn fhèin bho am gu am. Agus 's aithne dhomh daoine anns na stàitean aig a bheil Gàidhlig, ged nach eil aonar dhiubh nas fhaisge na uair a thìde bhuam. Nan robh mi dìcheallach, bhithinn ag èisdeachd ri Reidio nan Gàidheal air an eadar-lìon gach latha. Ach tha mi gu math leisg.

'Se facal gu math cumanta ann an Ceap Breatainn a th'ann an "poile" - tha e 'tighinn bhon Bheurla "pile" agus a' ciallachadh "mòran". Mar a thuirt bean an taighe rium uaireigin aig a' bhòrd, "Tha poile hama ann!"
'Se SUV a th'anns a' chànan eile agam
User avatar
The Sporting Pitchfork
Posts: 1636
Joined: Fri Oct 04, 2002 6:00 pm
antispam: No
Please enter the next number in sequence: 10
Location: Dante's "Inferno;" canto VI, line 40
Contact:

Re: Rud beag cabadaich

Post by The Sporting Pitchfork »

Hallo, a Churley!

Dh'ionnsaich mi mo chuid Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig cuideachd. Bha mi ann fad dà sheachdain as t-Samhradh seo ag ionnsachadh ri Alasdair "a' Bhocsair" Caimbeul, agus bha sin dìreach spòrsail gu dearbh.
Thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh nuair a bha mi nam oileanach ard-sgòil ann an Santa Cruz, CA air sgath's gun robh duine le Gàidhlig fileanta ansiud ag an àm. Dh'ionnsaich mi tòrr nuair a bha mi aig Oilthigh Ghlaschu, ach as dèidh oilthigh, cha robh mi ga bhruidhinn airson ùine mhór...

Niste, tha mi a' fuireach ann am Portland, OR san iar-thuath na Stàitean, agus tha mi a' smaoineachadh nach eil ach aon duine eile le Gàidhlig anseo. (Ach, o chionn's gu bheil feadhainn daoine le Gaeilge mu bhaile, thòisich mi ga ionnsachadh cuideachd.) Bidh mi ag èisteachd ri Radio Nan Gàidheal cha mhór nach gach latha airson mo chuid Gàidhlig a chumail suas.

Tha fòram Gàidhlig a-mhain air an Lìon--Fòram na Gàidhlig: http://www.foramnagaidhlig.net
curleywurley
Posts: 11
Joined: Fri Nov 06, 2009 4:39 am
antispam: No

Re: Rud beag cabadaich

Post by curleywurley »

A Sporting Pitchfork

'S math a cluinntinn bhuat! Chaidh mise a Oilthigh Glaschu cuideachd. Rinn mi Eachdraidh na h-Alba 's Celtic Civilisations. Bha Cathair O' Dochartaigh an ceannard aig an àm sin. Cha do rinn mi Gàidhlig gu mi-fhortanach - Cha robh Gàidhlig sam bith agam aig an àm seo. A Bharrachd air sin, Dh' ionnsaich mi bho Alasdair Caimbeul aig an t-Sabhal Mòr dà bliadhna air ais cuideachd. 'S e fir glè sgoinneil 's èibhinn a th' ann.

'S math thu fhèin airson èisteachd ri Radio nan Gàidheal gach latha. Tha mi dìreach ro trang leis an leanabh agam 's obair an- dràsta. B' àbhaist dhomh a bhith ag èisteachd gach latha, ach nuair a tha tide agam, b' fheàrr leam a bhith a' cluiche ceòl an àite.

Tha mi cinnteach gu bheil thusa nad chluicheadair cuideachd Dè an inneal a th' agad?

Abair ainm 's abair puirt!
Post Reply