Hallo, a Churley!
Dh'ionnsaich mi mo chuid Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig cuideachd. Bha mi ann fad dà sheachdain as t-Samhradh seo ag ionnsachadh ri Alasdair "a' Bhocsair" Caimbeul, agus bha sin dìreach spòrsail gu dearbh.
Thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh nuair a bha mi nam oileanach ard-sgòil ann an Santa Cruz, CA air sgath's gun robh duine le Gàidhlig fileanta ansiud ag an àm. Dh'ionnsaich mi tòrr nuair a bha mi aig Oilthigh Ghlaschu, ach as dèidh oilthigh, cha robh mi ga bhruidhinn airson ùine mhór...
Niste, tha mi a' fuireach ann am Portland, OR san iar-thuath na Stàitean, agus tha mi a' smaoineachadh nach eil ach aon duine eile le Gàidhlig anseo. (Ach, o chionn's gu bheil feadhainn daoine le Gaeilge mu bhaile, thòisich mi ga ionnsachadh cuideachd.) Bidh mi ag èisteachd ri Radio Nan Gàidheal cha mhór nach gach latha airson mo chuid Gàidhlig a chumail suas.
Tha fòram Gàidhlig a-mhain air an Lìon--Fòram na Gàidhlig:
http://www.foramnagaidhlig.net